Beachdan air Gàidhlig
Tha mi air a bhith a’ bruidhinn Gàidhlig airson iomadach bliadhna agus nam Mhinistear le uallach airson Gàidhlig, tha mi uabhasach fhèin toilichte agus misneachail le na co-dhùnaidhean bhon rannsachadh seo. Tha iad a’ sealltainn gu bheil a’ mhòr-shluagh mothachail air luach na Gàidhlig a thaobh dualchais, cultar, turasachd agus an eaconamaidh.
Airson ùine fhada tha mi air a bhith den bheachd gu bheil Gàidhlig air leth cudromach airson Alba anns an latha an-diugh. ’S e deagh chomharra a th’ann airson luchd-obrach a tha air a bhith ag obair cho dìcheallach airson Gàidhlig a chumail soirbheachail gu bheil a’ mhòr-chuid air feadh Alba den bheachd seo cuideachd.
Ach cha bu chòir dhuibh a bhith ag èisteachd riumsa nam aonar. An uair a chaidh an rannsachadh fhoillseachadh, thadhal mi air clas Gàidhlig airson luchd-ionnsachaidh ann an Glaschu agus seo na bha aig dithis a choinnich mi ri ràdh…..
Bruce Whyte:
“Tha mise air a bhith nam neach ionnsachaidh airson faisg air 20 bliadhna. ’S e òrain Runrig agus iarrtas air barrachd èolas ainmean bheanntan a bha mi a’ streap – agus tuigse air na h-ainmean a ràdh ceart – a tharraing mi gu Gàidhlig an toiseach.
Bha mi cuideachd rud beag air mo nàrachadh nach ro agam ach fìor bheagan èolais agus tuigse air cànan a bha cleachdte na mo theaghlach o chionn gìnealach neo dhà. A’ leum air adhart fichead bliadhna bho mo chiad clas Gàidhlig ’s tha mo chlann a’ bruidhinn Gàidhlig ’s a’ frithealadh Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. Cuideachd, tha mo chompanach, bho mheadhan Lunnainn a’ seinn Puirt a Beul còmhla ri Kenna Chaimbeul!
Airson mo fhèin ’s mo theaghlach, tha sinn a-nis mar phàirt de choimhearsnachd Gàidhlig ann an Glaschu ’s tha sin a’ toirt dhuinn iomadach cothrom inntinneach agus spòrsail, gu h-àraid tro cheòl agus `òran.
Ged nach eil aig a’ mhòr-chùid de mhuinntir Ghlaschu ach ‘slàinte mhath’ ri ràdh as a’ Ghàidhlig, sa chumantas tha ùidh aca anns a’ chànan. Ach a dh’aindeoin sin chan eil Gàidhlig a’ cluich pàirt sònraichte sam bith ann an beatha mhuinntir Ghlaschu agus chan eil mòran mothachail gu bheil fiù Sgoil Ghàidhlig anns a’ bhaile.
Le àireamhan agus cliù Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a sìor fhàs, tha mi cinnteach gun atharraich seo ach tha puing nas fharsainge a’ nochdadh an seo cuideachd. Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil Gàidhlig a’ buntainn ri beatha dhaoine, gu h-àraid luchd-cleachdaidh òg. Tha filmaichean Gàidhlig, drama, am Mòd, Fèisean, Camanachd, Ceòl ‘s Craic, agus soidhnichean dà-chànanach uile cudromach ach tha barrachd ri dhèanamh airson Gàidhlig a ghlèidheadh agus fhàs mar chànan beò ann an Glaschu – Baile Mòr nan Gàidheal.”
Daibhidh Mac an t-Sutharlanaich:
“Tha na clasaichean Ùlpan a tha rim faotainn airson luchd-obrach Comhairle Bhaile Ghlaschu air a bhith spòrsail ’s aig an aon àm uabhasach èifeachdadh mar dhòigh cànan ionnsachadh, a tha cuid a’ cumail a-mach a tha gu math doirbh.
Chan robh èolas sam bith air Gàidhlig aig a mhòr-chuid ro-làimh ’s mar sin tha e iongantach mar a tha iad a-nis a’ bruidhinn agus a’ tuigsinn na tha daoine eile ag ràdh ann an ùine ghoirid.
Tha na clasaichean air a bhith uabhasach cuideachail, a’ neartachadh na dh’ionnsaich mi ann an clasaichean gràmair a bharrachd air stòr fhaclan ùr agus misneachd a thaobh bruidhinn a thoirt dhomh.
Cuideachd tha na cùrsaichean air dealas a chruthachadh airson tachartasan Gàidhlig eile. Bha aon neach ag innse dhomh mar a tha nighean aice a’ smaoineachadh mu dheidhinn foghlam Gàidhlig aig ìre ro-sgoil airson an leanabh aice fhèin!
Airson co-dhùnadh, chanainn gur e cùrsa oideachail agus tlachdmhor a th’ann an Ùlpan airson daoine a tha a’ gabhail pàirt ann, agus air taobh a-muigh a’ chlas.”
Dr Alasdair Allan
Ministear airson Ionnsachadh agus Sgilean
Airson barachd fiosrachadh
Attitudes Towards the Gaelic Language – Research Findings