Gaelic version – New Year Message from Minister for Learning, Science and Scotland’s Languages
Airson iomadh bliadhna tha ùidh phearsanta air a bhith agam ann an cànain na h-Alba. A-nis mar Mhinistear airson Ionnsachadh, le uallach airson Gàidhlig agus Albais, tha mi ann an deagh shuidheachadh pàirt chudromach a chluich a thaobh dèanamh cinnteach gum bi ar cànain a’ fàs ann an dòigh seasmhach san àm ri teachd.
Nam bheachd sa, ’s e bliadhna uabhasach fhèin sònraichte a bh’ann an 2011 airson cànain na h-Alba.
Anns an Lùnastal bha rannsachadh ùr air fhoillseachadh air beachdan Gàidhlig a’ mhòir-shluaigh. ’S e rannsachadh air leth cuideachail a bha seo, a’ sealltainn gu bheil a’ mhòr-chuid den phoball ag aontachadh le dealas an Riaghaltais gum bu chòir dhuinn dèanamh cinnteach gu bheil barrachd dhaoine a’ bruidhinn Gàidhlig.
Tha 81% den mhòr-shluagh a-nis den bheachd gu bheil e cudromach nach caill Alba ar traidiseanan Gàidhlig, agus 70% den bheachd gum bu chòir barrachd chothroman a bhith ann airson Gàidhlig ionnsachadh. Ni sinn ar dìcheal seo a choileanadh.
Dh’fhoillsich Bòrd na Gàidhlig an dreach Plana Cànain Nàiseanta airson Gàidhlig anns an Dàmhair, ’s fosglaidh seo slighean agus cothroman ùr ann an saoghal na Gàidhlig. Tha beagan làithean dhen cho-chomhairle air fhàgail fhathast airson freagairt a thoirt dhan Bhòrd. Mholainn do neach sam bith le ùidh anns a’ chànan seo a dhèanamh airson cuideachadh a thoirt dhan Bhòrd agus iad an dùil plana deireanach a chruthachadh.
A bharrachd air a seo, bha Mòd soirbheachail eile againn am bliadhna anns na h-Eileanan an Iar. Air sgàth ’s an deagh obair air feadh saoghal na Gàidhlig tha sinn air naidheachdan fior mhath fhaicinn agus a chluinntinn anns na meadhanan. A’ coimhead air thoiseach, tha mi misneachail agus dòchasach gu faic sinn seo a’ leanntainn ann an 2012, ’s sinn a dèanamh ar dìcheal Gàidhlig a chumail beo airson ginealaich ùr san àm ri teachd.
A’ tionndadh a-nis gu Albais, cànan eile anns a bheil mi fileanta, tha sinn air deagh adhartas a dhèanamh le molaidhean airson Buidheann Obrach Cànan Albais air foghlam, na h-Ealain agus croaladh. A’ coimhead air adhart, ’s e aon phrìomh gnìomh Lìon de Luchd-obrach Cànan Albais a stèidheachadh. Nam bheachd sa bidh iad seo uabhasach cudromach airson taic agus cuideachadh a thoirt dhan chànan nar sgoiltean.
Tha mi air mo dhòigh à ràdh, ged a tha cosgaisean teann an dràsta, gu bheil sinn air maoin a glèidheadh airson na buidhnean Albais a tha ag obair gu cruaidh airson a’ chànain a bhrosnachadh. Airson a’ chiad uair bha ceist air Albais anns a’ chunntas-sluagh ’s tha mi a’ coimhead air adhart ris na co-dhùnaidhean a gheibh sinn bhon sin an ath bhliadhna.
Mar phàirt de Chnuasachadh na h-Alba tha sinn ag obair gu cruaidh airson dèanamh cinnteach gu bheil cuideam na Gàidhlig agus Albais a thaobh dearbh-aithne na dùthcha air aithneachadh anns a churraicealam ann an sgoiltean air feadh Alba. Bu chòir dhuibh barrachd a chluinntinn air a seo tron bliadhna.
’S mar sin, a’ gluasad gu 2012, tha mi lan dòchais gur e bliadhna inntinneach agus soirbheachail airson cànain na h-Alba a bhios ann. ’S e fior urram a th’ann a bhith aig cridhe obair leasachaidh airson an dà chànan. Bliadhna Mhath ùr dhuibh uile!
New Year’s Message 2012 – English version.
New Year’s Message 2012 – Scots version.